
Tha Poileas Alba a' sireadh fiosrachaidh às dèidh droch thubaist rathaid ann an Gleann Seile air an deireadh-sheachdain.
Chaidh fireannach, 16 a sgèith dhan ospadal às dèidh na tubaist.
Thachair an tubaist eadar dà charbad faisg air Drochaid Sheile mu 4.30f Disathairne.
Dh'innis Poileas Alba gu bheil coltas ann gun deach càr Hyundai gorm air an taobh cheàrr den rathad is gun do bhuail e ann am bhana-campachaidh Fiat Ducato geal.
Chaidh fireannach, 16, a bha a' siubhail sa chàr a sgèith gu ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis.
Chaidh boireannach, 27, a bha a' dràibheadh a' bhana-champachaidh, cuideachd a thoirt don ospadal airson dèanamh cinnteach gun robh i ceart gu leòr.
Cha deach dràibhear a' chàr, fireannach, 26, a ghoirteachadh.
Bha an rathad dùinte fad còrr is ochd uairean a thìde às dèidh na tubaist.
Dh'iarr Poileas Alba air duine sam bith le fiosrachadh no dealbhan dashcam fios a chur thuca air 101.