Corp air a lorg an Earra-Ghàidheal

  • Air fhoillseachadh
Poileas

Dhearbh Poileas Alba gun deach corp fireannaich a lorg ann an sgìre Mheadarloch ann an Earra-Ghàidheal.

Cha deach aithneachadh foirmeil a dhèanamh fhathast, ach chaidh innse do theaghlach Alexander Fox, no Sasha mar a bhios aig daoine air.

Tha Mgr Fox air a bhith a dhìth bho dhachaigh ann am Meadarloch bho Dhimàirt.

Thuirt na Poilis nach eil dad amharasach mun chùis agus gun tèid aithisg a chur gu Neach-Casaid a' Chrùin.