
Tha Comhairle Mhoireibh air aontachadh taic a thoirt do theaghlaichean Afganach tighinn a dh'fhuireach san sgìre tro sgeama Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte.
Thèid sgioba shònraichte rè-ùine a chur air chois, le taic bho Oifis na Dùthcha airson feumalachdan nan teaghlaichean a choileanadh.
Tha a' Chomhairle a' sireadh aonta le Ministearlachd an Dìon (MOD) airson suas ri 10 taigh a tha falamh ann am Moireibh mar thoiseach-tòiseachaidh airson teaghlaichean Afganach.
Taic
'S dòcha gun tig suas ri 20 neach a Mhoireibh tron sgeama.
Tha grunn sgeamaichean aig Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte airson taic a chumail ri inbhich is clann a tha air teicheadh bho dhùthchannan far a bheil sabaid is fòirneart air a bhith a' dol air adhart.
Fàilte
Thuirt Neach-Gairm na Comhairle, Shona Mhoireasdain, gu bheil e na thoileachas daoine fhaicinn ag aontachadh gu bheil comas ann am Moireibh taic a thoirt do dh'Afganaich tro na diofar sgeamaichean a th' ann.
"Leis an ionmhas a gheibh sinn, bidh taic a thaobh foghlaim, taigheadais agus dad sam bith èiginneach a tha dhìth air na teaghlaichean.
"Mar chomhairle ionadail, tha sinn airson fàilte bhlàth a chur air daoine, agus clann a tha às aonais phàrantan, a Mhoireibh airson àite sàbhailte agus taiceil, agus tha mi an dòchas gun cur gach neach a tha a' fuireach an seo fàilte orra cuideachd", thuirt i.