42.7 % de shluagh nan Eilean Siar deònach ball-bodhaig a thoirt seachad
- Air fhoillseachadh

Mairead Meiklejohn sa mheadhan le a nighean agus an duine aice. Faisg air bliadhna on fhuair i grùthan ùr tha i a' brosnachadh dhaoine innse am biodh iad deònach dàrna cothrom a thoirt do a leithid.
Tha muinntir nan Eilean Siar gam brosnachadh a dhèanamh soilleir am bu mhiann leotha buill-bhodhaig a thoirt seachad neo an e rud nach biodh iad ag iarraidh.
Aig toiseach Seachdain Tabhartas Maothrain agus Bhall-Bhodhaig, thathar a' comharrachadh gu bheil sia mìosan ann on thàinig siostam ceadachaidh ùr a-steach an Alba.
Tha roghainn aig a h-uile Albannach gun ball-bodhaig a thabhann agus tha e cudromach gum bi fios aig na h-ùghdarrasan slàinte air an seo.
Feumaidh daoine an co-dhùnadh a chur air Clàr Nàiseanta agus mura dèan iad sin bidhear a' gabhail ris gun robh iad leagte ris ball-bodhaig a thoirt seachad an dèidh am bàis.
Clàr Nàiseanta
A rèir àireamhan ùra, tha cha mhòr an dàrna leth (45.7%) de mhuinntir sgìre NHS nan Eilean Siar air innse gu h-oifigeil dè mhiannaicheadh iadsan.
Thuirt 42.7% gu bheil iad airson ball-bodhaig a thoirt seachad, agus roghnaich 3% gun sin a dhèanamh.
Gu nàiseanta, tha 54% de shluagh na h-Alba air an co-dhùnadh a chlàradh; tha 51.5% airson ball-bodhaig a thoirt seachad, agus tha 2.8% air innse nach eil iad ag iarraidh sin.
Faodaidh daoine an ainm a chur air a' chlàr uair sam bith, ach thathar a' comhairleachadh orra gum bruidhinn iad ri càirdean agus caraidean mun cho-dhùnadh aca.
Beatha às ùr
Tha Mairead Meiklejohn, a rugadh ann an Leòdhas agus a fhuair grùthan ùr an-uiridh, an dòchas gun dèan iad còmhradh.
Bha Mairead, 62, a' fulang le tinneas grùthain ADPLD airson 15 bliadhna. Chaidh i bho bhith na boireannach fut a bha a' tric a' coiseachd nam beann gu bhith gun lùths agus claoidhte. Chuir i oirre cuideam mòr air sgàth nan cnapan air a grùthan agus an t-uisge a bha a bodhaig a ghlèidheadh.
Bho chionn trì bliadhna dh'fhàs i cho tinn gum b'fheudar dhi cathair-chuibhle a chleachdadh. Bha trì clachan de chuideam sa ghrùthan aice agus bha e a' cur na bha sin de chuideam air a stamaig nach robh i a' faighinn mathais gu leòr bho bhiadh.
Air an 12mh den Lùnasdal 2018 chaidh a h-ainm a chur air an liosta nàiseanta dhaibhsan a tha feumach air agus a tha a' feitheamh airson maothran neo ball-bodhaig ùr.
Taingealachd agus teachdaireachd
Fhuair i an naidheachd san t-Sultain an-uiridh a dh'atharraich a beatha; gun robh grùthan ann a bha a' freagairt oirre.
Shoirbhich leis an obair-lannsa ann an Dùn Èideann agus bha Mairead còig seachdainnean san ospadal mus d'fhuair i dhachaigh gu Srath Narainn faisg air Inbhir Nis.
Tha Mairead a' tighinn air adhart glè mhath agus thuirt i nach aithne i càil mun bhoireannach bhon d'fhuair i a grùthan ùr agus nach eil i airson an gibht seo a chaitheamh.
"Bha a teaghlach làidir gu lèor, ged a bha iad a' caoimh, spèis a thoirt dhan rùn aice airson dàrna cothrom a thoirt dhomh fhèin agus 's dòcha do dhaoine eile. Tha mi cho taingeil agus 's e urram mòr a th' ann dhomh."
Tha Mairead ag innse na sgeulachd aice fhèin airson daoine eile a bhrosnachadh bruidhinn ris an luchd-dàimh aca agus innse dhaibh dè na rùintean aca airson cothrom na beatha a thoirt do dhaoine eile an dèidh dhaibh bàs fhaighinn.
Thuirt i: "Tha na mìltean dhaoine, sean agus òg, a' feitheamh airson ball-bodhaig, agus tha cuid air a bhith a' feitheamh ro fhada agus do chuid chan fhaigh iad an gibht ann an àm."