"Tuilleadh airgid" a dhìth airson na Gàidhlig

  • Air fhoillseachadh
Suaicheantas Bhòrd na Gàidhlig

Tha cathraiche Bhòrd na Gàidhlig ag ràdh nach eil airgead na Gàidhlig airson Achd na Gàidhlig a chur an gnìomh mòr gu leòr.

Bha Màiri NicAonghais a' mìneachadh mar a thèid £600,000 a roinn air comhairlean 's buidhnean eile air feadh na dùthcha airson am poileasaidhean Gàidhlig a chur an gnìomh.

Ach thuirt i nach robh a' mharag a bha ga roinn a-mach mòr gu leòr, 's gum feumadh tuilleadh a bhith ann.

50 pròiseact

Tha còrr is 50 pròiseact Gàidhlig a' faighinn cuibhreann de £600,000 bhon Bhòrd.

Tha an t-airgead a' dol gu pròiseactan leithid prògraman sgilean cànain, clasaichean Gàidhlig, agus airson oifigearan leasachaidh Gàidhlig fhastadh.

Buidhnean

Tha Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle Baile Ghlaschu, Comhairle Baile Dhùn Èideann, Comhairle Pheairt is Chinn Rois, agus Sabhal Mòr Ostaig am measg na fhuair taic.

Gheibhear làn-chunntas air na pròiseactan a fhuair maoineachadh air làrach-lìn GrantNav, taobh a-muigh.