
Tha smàladairean fhathast aig taigh-òsta eachdraidheil an Earra-Ghàidheal a chaidh na theine moch sa mhadainn an-diugh agus a chaidh a mhilleadh gu dona.
Chaidh sgiobannan smàlaidh a ghairm gu Taigh-òsta Thaigh an Uillt às dèidh 05:00.
Ged a fhuair iad smachd air an teine, chaidh taobh a-staigh an togalaich a mhilleadh agus tha am mullach aige air tuiteam.
Chaidh an A85 a dhùnadh eadar A' Choingheal agus Loch Obha.
Thuirt neach-gairm na comhairle coimhearsnachd gur e call mòr a th' ann airson na sgìre.