Clionaigean Covid drop-in do dh'òigridh

  • Air fhoillseachadh
Banachdach CovidTùs an deilbh, Getty Images

Tha clionaigean Covid drop-in do chloinn eadar 12-15 gan cur air dòigh anns na h-Eileanan Siar airson a' chiad uair an t-seachdain-sa.

Thuirt am bòrd slàinte gun cur a' bhanachdach dìon air a' chloinn bhon bhuaidh as miosa dhen bhìoras.

'S e banachdach Pfizer/BioNTech a gheibh an òigridh.

Thathas ag iarraidh air daoine air an robh Covid fuireach 28 là às dèidh do dheuchainn dearbhadh gun robh e orra mus tig iad airson banachdach.

"Ceum mòr"

Thuirt Stiùiriche na Slàinte Poblaich aig NHS nan Eilean Siar, an Dr Maggie Watts, gur e ceum mòr air adhart a tha seo agus gu bheil dùthchannan air feadh an t-saoghail air a bhith a' toirt na banachdaich do chloinn anns na h-aoisean seo gu sàbhailte.

Thuirt i gum feumadh clann is pàrantan no luchd-cùraim a thighinn gu co-dhùnadh mu bhith a' gabhail na banachdaich.

Fiosrachadh earbsach

Dh'iarr i air daoine fiosrachadh a shireadh ann an àiteachan earbsach mar NHS Inform nuair a tha iad a' tighinn gu co-dhùnadh.

Bidh na clionaigean drop-in anns na h-àiteachan a leanas:

Dihaoine, an 24mh dhen t-Sultain

Ospadal nan Eilean Siar: 2f - 7.30f

Ospadal Uibhist is Bharraigh: 4.30f - 7.30f

Disathairne, an 25mh dhen t-Sultain

Ospadal nan Eilean Siar: 10.30m - 5.30f

Ospadal Uibhist is Bharraigh: 8.30m - 3f

Ospadal Naoimh Bhrianain: 9m- 4.30f

Là na Sàbaid, an 26mh dhen t-Sultain

Ospadal nan Eilean Siar: 10.30m - 5.30f

Dimàirt, an 28mh dhen t-Sultain

Hub na Hearadh: 3.30f - 8f