Dh'fhaodadh stailc a bhith aig Stagecoach

  • Air fhoillseachadh
Bus le StagecoachTùs an deilbh, Stagecoach

Bidh luchd-obrach Stagecoach ann an ceann a tuath na h-Alba am measg 1,500 neach-obrach a bhòtas air iomairt-obrach - rud a dh'fhaodadh buaidh a thoirt air seirbheisean bhusaichean.

Thuirt an t-aonadh Unite gum bi a' bhòt mu phàigheadh a' gabhail a-steach dràibhearan, luchd-obrach rianachd, luchd-obrach einnseanaireachd agus luchd-glanaidh aig ionadan airson busaichean, nam measg, Inbhir Nis is feadhainn eile air Ghàidhealtachd.

Tha seo a' tighinn às dèidh do chòmhraidhean eadar an t-aonadh agus a' chompanaidh a thighinn gu crìch gun aonta.

Thuirt Stagecoach gu bheil iad deònach a dhol an sàs ann an tuilleadh chòmhraidhean.