Pròiseact ath-fhiadhachaidh air Ghàidhealtachd

  • Air fhoillseachadh
Slighe-coiseachd ri taobh Loch AfraigTùs an deilbh, Julian Paren/Geograph

Tha pròiseact ùr ag amas air corr is 500,000 acaire de dh'fhearann ath-fhiadhachadh air Ghàidhealtachd.

Dheadh sgìre, a dh' fhaodadh ruith bho Loch Nis gu Ceann t-Sàile air taobh siar na Gàidhealtachd, fhàgail airson leigeil le nàdar an àite ath-bheòthachadh.

Fon sgeama cha deadh buntainn ri gleanntan, beanntan no coilltean fad 30 bliadhna.

Tha an carthannas Trees for Life, a tha stèidhichte ann am Moireibh, ag obair air a' phròiseact còmhla ri Rewilding Europe, 20 uachdaran fearainn agus sia buidhnean eile.

Thuirt an carthrannas gun robh iad a' conaltradh le uachdarain eile agus coimhearsnachdan feuch toirt orra a dhol an sàs sa chùis.

Thuirt ceannard Trees for Life, Steve Micklewright, gum biodh seo na chuideachadh ann a bhith a' dèiligeadh ri èiginn atharrachadh na gnàth-shìde agus èiginnean nàdar agus gum biodh e na bhuannachd do choimhearsnachdan agus an eaconamaidh ionadail.

Tha a' bhuidheann an dòchas tòiseachadh air an sgìre ath-fhiadhachadh ann an 2023.

Tuilleadh air an sgeulachd seo