An Creideas Coitcheann

Tha dùil gun toir an gearradh de £20 san t-seachdain air a' Chreideas Choitcheann buaidh air còrr 's deich thar fhichead mìle duine air a' Ghàidhealtachd, sna h-Eileanan agus ann am Moireibh.

Chaidh am fichead not a bharrachd a thoirt a-steach ri linn a' phandemic, 's tha an Riaghaltas a-nis a' cur às dhà.

Tha eagal gum fàg sin iomadh duine aig tuath - mar a tha sa chòrr den dùthaich - ann an cruaidh-chàs. Tha Eileen NicDhòmhnaill ag aithris ...