
Tha dragh air pàrantan an Obar Dheathain mu phlanaichean na comhairle gus lùghdachadh a thoirt air an sgìre far am bi iad a' tabhainn foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.
Tha co-chomhairleachadh a' dol an-dràsta a thaobh chrìochan an aon aonaid a th' anns a' bhaile.
Astar
Thuirt Comhairle Obar Dheathain gu bheil aca ri dèanamh cinnteach gum bi an t-astar a th' aig sgoilearan ri siubhal ciallach, agus thuirt iad gum bi foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air a bhrosnachadh fhathast.
Tha Comann nam Pàrant Nàiseanta am measg na tha ag ràdh gu bheil seo na chunnart do dh'fhoghlam Gàidhlig sa bhaile.
Thuirt Stiùiriche na buidhne, Maggie Wentworth:
"Ged a tha a' chomhairle ag ràdh gum bi e ceadaichte do phàrantan iarrtas a chur a-staigh, chan eil sin a' ciallachadh gu bheil cinnt ann gum faigh iad a-staigh."
Bha i ag ràdh cuideachd:
"Bidh e a' ciallachadh nach fhaigh pàrantan taobh a-muigh na sgìre bige seo taic le siubhal.
"Cunnartach"
"Dhuinne, chan eil sin cothromach, tha e cunnartach a thaobh fàs ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus bu chòir dhan h-uile duine againn a bhith a' togail cheistean agus a' cur an aghaidh seo."
Gheibhear an co-chomhairleachadh an seo, taobh a-muigh.