"Adhbhar dragh is briseadh-dùil" a thaobh dàil air toradh dheuchainnean
- Air fhoillseachadh

Thuirt fear-gairm Comhairle nan Eilean Siar gur e adhbhar dragh agus briseadh-dùil a th' ann gum bi dàil timcheall air trì là ann mus faigh daoine toradh dheuchainnean Chovid-19.
Tha seo ri linn trioblaidean teicnigeach aig an deuchainn-lann ann an Steòrnabhagh.
Feumaidh deuchainnean PCR às na h-Eileanan an Iar a dhol a Dhùn Èideann gus an tèid seo a chur ceart.
Thuirt Bòrd Slàinte nan Eilean Siar gu bheil iad a' feuchainn ris an t-suidheachadh a leasachadh ach nach eil e soilleir aig an ìre seo dè cho fada 's a bheir sin.
Dh'innis iad gu bheil siostam deuchainn fa-leth ann do chùisean èiginn far a bheil cùram ospadail a dhìth, ach nach eil seo comasach ach air aireamh bheag de chùisean a làimhseachadh.
Dh'iarr an t-ùghdarras slàinte air a' phoball an leisgeul a ghabhail agus thuirt iad gun cum iad fios ris an t-sluagh.
Chaidh a dhearbhadh nach fheum deuchainnean à Barraigh a dhol a Steòrnabhagh mus tèid iad gu Dùn Èideann, ach gun tèid iad gu dìreach gu Tìr-Mòr airson toradh fhaighinn gus an tèid suidheachadh Steòrnabhaigh a chur ceart.
"Iomagaineach"
Dhearbh àrd-oifigear a' bhùird, Gòrdan Jamieson, cuideachd nach robh cùisean ùra anns na h-Eileanan anns na deuchainnean a rinn iad tron oidhche Diluain.
Thuirt fear-gairm Comhairle nan Eilean Siar gur e suidheachadh draghail a th' ann.
"'S e adhbhar dragh a th' ann gun teagamh agus 's e briseadh-dùil a th' ann gu bheil an uidheamhachd a tha iad air a bhith a' cleachdadh airson deuchainnean Chovid air briseadh sìos is gu bheil aig na deuchainnean ri dhol a Dhùn Èideann rè-ùine", thuirt Tormod Dòmhnallach.
"Bidh daoine gu math iomagaineach ma tha iad gu bhith a' feitheamh trì là no barrachd airson faighinn a-mach a bheil Covid orra no nach eil.
"Tha e gu ìre a' dol air ais gu far an robh sinn aig toiseach-tòiseachaidh, agus 's e adhbhar dragh a tha sin gach cuid dhan fheadhainn a tha a' feitheamh ri faighinn a-mach dè dha-rìribh an suidheachadh anns a bheil iad, agus cuideachd an fheadhainn a tha a' còmhnaidh anns an aon taigh riutha.
"Tha mi a' smaoineachadh gur e an oidhirp as motha a dh'fheumar a dhèanamh an-dràsta 's e uidheamachd eile fhaighinn a-steach dhan ospadal ann an Steòrnabhagh gus am faigh daoine faochadh, an dàrna taobh no an taobh eile, cho luath 's a ghabhas sin a dhèanamh", thuirt e.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh5 An Dàmhair 2021
