
Chaill fireannach a bheatha às dèidh tubaist rathaid ann an Gallaibh.
Thachair an tubaist eadar sgùtair Vespa geal is carbad eile air an A836 eadar Inbhir Theòrsa is Forss mu 9.40m Diciadain.
Chaochail fireannach, 69, a bha air an sgùtair, aig làrach na tubaiste.
Thuirt an Sàirdseant Eòghann Calder bho Phoileas Alba gu bheil an cuid smuaintean le teaghlach an duine, is gu bheil na poilis a' sireadh fiosrachaidh mun tubaist.
Dh'iarr e air duine sam bith a chunnaic an tubaist no a chunnaic Vespa geal, fios a chuir thuca.
Tha na poilis cuideachd airson bruidhinn ri duine sam bith aig a bheil dealbhan dashcam.