Uidheamachd dheuchainnean ag obair às ùr

  • Air fhoillseachadh
Coròna-bhìoras

Dhearbh Bòrd Slàinte nan Eilean Siar gu bheil an uidheamachd aca airson deuchainnean Chovid-19 ag obair às ùr.

Bha dragh ann an t-seachdain seo nuair a thàinig e am bàrr gun robh an uidheamhachd briste.

Dh'fhàg sin gun robh aig NHS nan Eilean Siar ri deuchainnean a chur gu ionad ann an Dùn Èideann is gun robh dàil timcheall air trì là gu bhith ann mus fhaigheadh daoine toraidhean.

Dh'innis àrd-oifigear a' bhùird, Gòrdan Jamieson, oidhche Chiadain gu bheil an uidheamhachd a-nise ag obair às ùr.

Thug e taing dhan ionad ann an Dùn Èideann airson "àireamh àrd" de dheuchainnean às na h-Eileanan an Iar a dhèanamh, is dhan fheadhainn a chuir an uidheamhachd ceart.

Thuirt Mgr Jamieson cuideachd gun deach còig cùisean ùra de Chovid-19 a dhearbhadh anns na h-Eileanan Diciadain.

Bha trì ann an Leòdhas is a dhà dhiubh sin ceangailte ris an sgaoileadh aig dàchaigh-cùraim Dhùn Èistein.

Bha cuideachd aona chùis ann am Barraigh is cùis cuideachd ann an Uibhist a Deas.