
Dh'aidich Ministear na Còmhdhail gu bheil an clàr-ama a thaobh leasachaidhean aig an Rest and Be Thankful "sàrachail", ach thuirt e gu bheil Riaghaltas na h-Alba ag obair gu cruaidh gus am pròiseact a ghluasad air adhart.
Bha Graeme Dey a' bruidhinn ann an deasbad, taobh a-muigh ann am Pàrlamaid na h-Alba oidhche Chiadain a thug am BPA Tòraidheach 'son na Gàidhealtachd is nan Eilean, Dòmhnall Camshron, air adhart.
Thuirt an Camshronach gur e "staing èiginn" a th' anns an t-suidheachadh leis an A83 ann an Gleann a' Chrò.
Thuirt e gu bheil clàr-ama suas ri deich bliadhna gus fuasgladh maireannach a chur an sàs ro fhada is nach urrainn do mhuinntir Earra-Ghàidheal feitheamh cho fada sin.
Tha e ag ràdh cuideachd gum bu chòir slighe ùr èiginn air rathad coilltearachd ann an Gleann a' Chrò a chur air dòigh cho luath 's a ghabhas.
Dh'innis e gu bheil e follaiseach nach eil na ceumanan a th' ann gus an cunnart bho mhaoimean-slèibhe a lùghdachadh èifeachdach ann am fìor dhroch shìde.
"Dùbhlan"
A' freagairt nan draghan sin, thuirt Graeme Dey gu bheil e gu math mothachail air cho cudromach 's a tha an A83 do mhuinntir Earra-Ghàidheal.
Dh'aidich e gu bheil an clàr-ama a th' ann "sàrachail", is gheall e gu bheil an Riaghaltas airson fuasgladh seasmhach, sàbhailte a chur an sàs cho luath 's a ghabhas.
Thuirt e gu bheil measadh ga dhèanamh air còig roghainnean aig an t-slighe a tha air a comharrachadh.
Dh'innis Mgr Dey ge-tà, gur e "fear de na dùbhlain einnseanaireachd as motha a th' ann an Alba" a tha san obair aig an Rest and Be Thankful.
Thuirt e cuideachd gum feum an Riaghaltas am pròiseas ceart a leantainn.
Gheall e gun tèid slighe èiginn ùr a stèidheachadh cho luath 's a ghabhas ach nach eil cinnt fhathast dè dìreach an t-slighe a bhios ann.
Thuirt e gu bheil ceistean ann mu shlighe sa ghleann a tha cuid de luchd-iomairt air comharrachadh.
Gheall Mgr Dey gun tèid fiosrachadh ùr fhoillseachadh cho luath 's a bhios e ann.