Dragh mu stèisean poilis an Òbain

  • Air fhoillseachadh
Suaicheantas Phoileas Alba

Chaidh dragh a thogail aig Pàrlamaid na h-Alba mu dhroch staid stèisean nam Poileas anns an Òban.

Thuirt am BPA Tòraidheach airson na Gàidhealtachd 's nan Eilean, Dòmhnall Camshron, a thog a' chùis Diciadain, gur e briseadh dùil a bh' ann dha gun freagairt bhrìghmhor fhaighinn bho Rùnaire a' Cheartais, Cèith MacIlleDhuinn.

Thuirt Mgr Camshron gu bheil dragh gu sònraichte air a' bhuidhinn a tha a' riochdachadh oifigearan poilis.

"Thog mi draghan san t-seòmar seo ann an 2019 a bh' aig Caidreachas nam Poileas mu dhroch staid stèisean nam Poileas san Òban," thuirt e.

"Thuirt iad gur e an stèisean as miosa a chunnaic iad riamh.

"Tha mi a' tuigsinn gun do dh'òrdaich Poileas Alba sgrùdadh comais anns an Dùbhlachd an-uiridh a choimhead ri dachaigh ùr do phoilis dhìcheallach a' bhaile.

"An urrainn do Rùnaire a' Chaibineit fiosrachadh ùr a thoirt seachad a thaobh seo?

"Agus an geall e, às leth an Riaghaltais, maoineachadh sam bith a bharrachd a tha a dhìth airson dèanamh cinnteach gu bheil na Poilis againn, san Òban agus ann an àiteachan eile an Alba, le stèisean sàbhailte agus ùr-nodha anns an obraich iad?"

Thuirt Rùnaire a' Cheartais, Cèith MacIlleDhuinn, gu bheil Riaghaltas na h-Alba air buidseat Ùghdarras nam Poileas àrdachadh £75.5m anns a' bhliadhna-ionmhais seo, 's nach iad Riaghaltas na h-Alba a bu choireach ri gainnead maoineachaidh sam bith.

"Tha mi toilichte a bhith a' conaltradh riuthasan a tha le uallach airson seo, Poileas Alba agus Ùghdarras Phoileas na h-Alba, air a' chùis seo a tha e air togail."

"A' bruidhinn air maoineachadh san fharsainneachd, tha mi air mìneachadh a dhèanamh air a' bhuidseat a bharrachd a chuir sinn mu choinneimh Ùghdarras nam Poileas - £15m a bharrachd na chuir na Tòraidhean air adhart àm a' bhuidseit.

"Tha e cuideachd fìor a ràdh gu bheil sinn dìreach air a dhol tro dheich bliadhna de ghearraidhean, air eagal 's nach tug am ball an aire dhan sin.

"Bhiodh e na b' fhasa mura robh £11m a bharrachd de chosgaisean a' tighinn air Poileas Alba ri linn àrdachaidh anns an Àrachas Nàiseanta a chuir Riaghaltas Bhreatainn an sàs.

"Feumar pàigheadh airson a leithid seo, 's tha buile aige a thaobh ghoireasan eile."