
Is tric a bhios deasbadan air loidhne a' dèanamh ceangail eadar taic a thoirt dhan Ghàidhlig agus taic a thoirt do neo-eisimeileachd no nàiseantachd.
Tha partaidhean poilitigeach na h-Alba a' toirt rabhadh nach bu chòir a bhith a' cleachdadh na Gàidhlig mar rud poilitigeach.
'S tric a chithear air na meadhanan sòisealta le taobh seach taobh de dh' argamaid na bun-reachd a' fàgail air a chèile gur e rud co-cheangailte ri nàiseantachd a th' anns a' chànan.
Tha an ìre de dhol a-mach mì-chàilear mun chànan a-nis na adhbhar dragh aig ìre phoilitigeach.
"Tha an t-strì as leth na Gàidhlig cudromach gu leòr, is chan eil feum sam bith ann a bhith ga cheangal ri deasbad poilitigeach, nach eil a' dèanamh dad gus stàid a' chànain adhartachadh," thuirt Dòmhnall Camshron BPA, fear-labhairt na Gàidhlig airson Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba.
"Tha an cànan a' buntainn ri taobh seach taobh den deasbad mu bhun-reachd na dùthcha, le luchd-cleachdaidh a' chànain a' toirt taic do gach thaobh san deasbad 'ud."
Tha ball-pàrlamaid Albannach an Eilein Sgitheanaich, Loch Abair agus Bhàideanaich, Ceit Fhoirbheis, den bheachd gum faodadh a' chùis cron a dhèanamh air leasachadh is maoineachadh a' chànain cuideachd.
"Tha daoine san teaghlach agamsa a tha a' toirt taic do phàrtaidhean eile agus tha Gàidhlig acasan," thuirt ise.
"Ma tha daoine airson neo-eisimeileachd air no an aghaidh neo-eisimeileachd bu chòir dhaibh taic a thoirt dhan chànan.
"Ma tha, mar èisimpleir, Buill-Phàrlamaid no gnìomhachasan no buidhnean poblach a' cur stad air maoineachadh airson a' chànain no poileasaidhean a tha a' cur taic ris a' chànan air sgàth 's gu bheil an t-eagal orra a thaobh nan deasbadan bhiodh sin a' cur dragh orm.
"Ach chan eil mi a' faicinn sin an-dràsta."
Cunnart
Ach tha cuid a' faireachdainn gur e staid poilitigs san fharsaingeachd as coireach.
Bha Alasdair Moireasdan na mhinistear na Gàidhlig sa chiad riaghaltas Albannach, agus bha e a' riochdachadh nan Eilean Siar eadar 1999 agus 2007 mar BPA Làbarach.
"Gus an gluais sinn air falbh bhon t-suidheachadh a tha seo, dè an campa sa bheil thu, a bheil thu anns a' champ a tha ag iarraidh Breatainn a' cumail còmhla no a bheil thu airson Breatainn a sgrios agus Alba a thoirt a-mach aiste.
"Gus an atharraich an suidheachadh a tha sin tha mi a' smaointinn gum bi gnothach na Gàidhlig air a lagachadh gu mòr.
"Agus tha cunnart ann, tòrr de na chaidh a chosnadh thairis air an leth-cheud bliadhna a dh'fhalbh gun sìol iad às agus nach bi ginealaichean eile a' faighinn nam buannachdan a tha còir aca."
Tomhas de dh'aonta
Tha na pàrtaidhean nas fhaisge air a' chèile a thaobh poileasaidh air a' cheist seo na tha tric ri fhaicinn san deasbad air-loidhne.
"Tha tomhas de dh'aonta ann a thaobh nam pàrtaidhean, tha iad uile taiceil gu h-ìre dhan Ghàidhlig," thuirt an t-Oll Rob Dunbar.
"Dè cho làidir 's a tha an taic seo, 's e sin ceist eile.
"Dheanainn sgaradh eadar beachdan car aineolach, car cronail ach tha iad taobh a-muigh saoghal na Gàidhlig.
"Tha mi a' smaointinn gu bheil na h-eas-aontaidhean as cunnartaiche taobh a-staigh saoghal na Gàidhlig."
Tha oidhirpean a' leantainn gus adhartas air choireigin a lorg.
"Tha mi a' smaoinntinn gu bheil dleastanas air luchd-poilitigs, aig ìre nàiseanta agus ionadail, feuchainn ri na poilitigs a thoirt às an deasbad, tro gach rud a nì sin is na chanas sinn," thuirt Dòmhnall Camshron BPA.
Thuirt e: "Tha sinn uile airson Gàidhlig fhaicinn a' maireachdainn agus 's e sin an rud as cudromaiche."
"Bidh mi fhèin agus Dòmhnall a' feuchainn ri obair ri chèile agus ann an dòigh chan eil na deasbadan sin as cudromaiche," thuirt Ceit Fhoirbheis BPA.
"'S e gun tèid a' Ghàidhlig a chluinntinn agus a chleachdadh anns na coimhearsnachdan seo an rud as cudromaiche."