Dithis chaileagan à Leòdhas a' soirbheachadh aig a' Mhòd

  • Air fhoillseachadh
Bonn ga thoirt seachad
Fo-thiotal an deilbh,

Bonn Sheumais C. Mhic a Phì ga thoirt seachad Diluain.

Chaidh an dà dhuais a bu chlùitiche aig a' Mhòd Diluain gu dithis chaileagan à Leòdhas.

Seo an dà cho-fharpais luchd-ionnsachaidh a chaidh a chumail beò agus air an àrd-ùrlar aig Eden Court.

Cha robh àireamh nan co-fharpaiseach mòr, air sgàth Chovid, ach bha an ìre fhathast gu math àrd, a rèir nam britheamhan.

Naomi
Fo-thiotal an deilbh,

Bhuannaich Naomi Ghreumach bonn Sheumais C. Mhic a Phì.

'S i Naomi Ghreumach a bhuannaich bonn Sheumais C. Mhic a Phì do nigheanan eadar 13 agus 15.

Tha i fhein 15 agus air a' cheathramh bliadhna ann an Sgoil MhicNeacail.

Anns a' cho-fharpais eile, Bonn Pròbhaist na h-Eaglaise Brice, airson seann nòis do luchd-ionnsachaidh, 's e Kirsty NicNeacail a bhuannaich.

Tha ise 17 agus air an t-siathamh bliadhna an Sgoil MhicNeacail.

Kirsty
Fo-thiotal an deilbh,

Bhuannaich Kirsty NicNeacail Bonn Pròbhaist na h-Eaglaise Brice.

Bha na britheamhan air an dòigh ghlan le na chuala iad.

"Abair co-fharpais a bh' againn, bha e sgoinneil," thuirt Stephen MacÌomhair a' breithneachadh air Bonn Sheumais C. Mhic a' Phì.

"Bha iad air deagh ullachadh a dhèanamh agus tha mi cinnteach nach robh sin furasta dhaibh às dèidh na bliadhna gu leth a th' air a bhith againn," thuirt e.

"Oràin doirbh a bh' ann, ach bha ìre na Gàidhlig aig ìre glè àrd, agus bha sin fìor mhath agus misneachail a bhith a' cluinntinn."