Eilginn a' sireadh inbhe cathair-bhaile

  • Air fhoillseachadh
Eilginn

Nì Eilginn tagradh airson inbhe cathair-bhaile fhaighinn, mar phàirt de bhliadhna iùbalaidh platanaim na Bànrigh an ath bhliadhna.

'S e Riaghaltas Bhreatainn a tha air cùlaibh na co-fharpais, anns an tèid a' chiad chathair-bhaile ùr san Rìoghachd Aonaichte ainmeachadh ann an deich bliadhna.

'S e Comhairle Mhoireibh a nì an tagradh foirmeil, le taic-airgid a' tighinn bho mhaoin choitchean a' bhaile.

Ann am brath-naidheachd thuirt a' Chomhairle gun robh eachdraidh a' bhaile a' sealltainn gu bheil argamaid làidir ann airson an inbhe a bhuileachadh air.

Tagraidhean

Tha seachd bailtean mòra le inbhe cathair-bhaile ann an Alba an-dràsta - Obar Dheathain, Dùn Dè, Peairt, Dùn Èideann, Inbhir Nis, Glaschu agus Sruighlea.

'S e Peairt am baile mu dheireadh a fhuair inbhe cathair-bhaile, ann an 2012.

Tha Dùn Phris agus Dùn Phàrlain cuideachd gu bhith a' tagradh airson na h-inbhe.

Aig an ìre-sa chan eil fios cia mheud cathair-bhaile ùr a thig às an fharpais.

Thuirt an Riaghaltas gum biodh sin a' crochadh air cho làidir 's a bhios na tagraidhean.