"Drochaidean à turchair"

  • Air fhoillseachadh
Mòd 2021Tùs an deilbh, An Comunn Gàidhealach
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh na Mòdan dhan tèid an ginealach òg seo caran eadar-dhealaichte seach na chunnacas roimhe.

Tha am Mòd air atharrachadh ri linn a' phandemic, coltach ri gu leòr rudan eile.

Ged a thathas an dùil gun till cùisean nas fhaisge air an àbhaist an ath-bhliadhna, tha cuid de na rudan ùra a thàinig an cois a' phandemic a' fuireach, a rèir a' Chomuinn Ghàidhealaich.

Nam measg, bidh an cothrom a th' aig daoine - cuid aca thall-thairis - pàirt a ghabhail sna farpaisean air-loidhne.

"Chuir e iongnadh oirnn na bha de dh'ùidh aig daoine bho dhùthchannan thall-thairis tighinn a-staigh air farpaisean," thuirt Ceann-suidhe a' Chomuinn Ghàidhealaich, Ailean Caimbeul.

"Agus bha sinn a' faicinn, anns an drochaid ùr a bha sin a bha sinn air a chruthachadh - le turchair, mar a thachair - gun robh cothrom ann an drochaid a tha sin a ghlèidheadh.

"Tha e na amas againn rudeigin fhighe a-staigh dhan Mhòd nuair a thèid sinn air ais gu Mòd a tha nas àbhaistiche, tha mi an dòchas, an ath-bhliadhna, a bhios a' toirt cothom leantainnich do dhaoine ann an dùthchannan eile tighinn a-staigh air na farpaisean.

"Tha mi air a ràdh gu math tric anns na seachdainnean a chaidh seachad, cho fìor 's a tha an seann-fhacal gun tig math à olc.

"Gun teagamh sam bith tha sinn air cothroman aithneachadh a th' air tighinn oirnn le turchair, agus tha sinn a' dol a ghreimeachadh air na cothroman a tha sin," thuirt e.