Acadamaidh Chruthachail Inbhir Nis fosgailte

Dh'fhosgail Acadamaidh Chruthachail ùr Inbhir Nis an-diugh an dèidh ceithir bhliadhna de dh' obair leasachaidh.

Tha i stèidhichte ann an togalach seann Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis agus tha àiteachan-obrach a-nis rim faotainn do luchd-ealain, iomairtean sòisealta, carthannasan agus do ghnothachasan.

Chosg an obair leasachaidh £6millean uile gu lèir.

Chaidh Eoghann MacIllEathain ann.