Naidheachdan 11:00m
An Ugràin
Thuirt Ceann-suidhe na h-Ugràin, Volodymyr Zelensky, gun toireadh iad armachd do dhuine sam bith anns an dùthaich a bhiodh ga iarraidh mar dhòigh air an dùthaich a dhìon bho ionnaigh Ruiseannaich. A rèir Mhinisteir Chèin na dùthcha tha an Ugràin air thighinn an-diugh fo ionnsaigh fharsainn à grunn àirdean. Ach thuirt e gu bheil an t-arm aca a' sabaid an aghaidh nam feachdan Ruiseanach. Tron oidhche dh'ainmich Vladimir Putin gun robh e air "iomairt armaichte shònraichte" òrdachadh an aghaidh na h-Ugràin, ag iarraidh air saighdearan na dùthcha sin an cuid armachd a leigeil seachad. Bhon uair sin tha ionnsaighean air a bhith ann air targaidean armaichte sa chumantas ann an grunn bhailtean den Ugràin, ged a tha aithrisean ann gun deach sìobhaltaich a mharbhadh. Tha co-dhiù 40 de shaighdearan na h-Ugràin air bàsachadh cuideachd, a rèir oifis a' Chinn-Suidhe. 'S tha aithrisean ann, nach deach a dhearbhadh, gun deach itealain Ruiseanach a leagail.
Chaidh càineadh a dhèanamh air an Ruis le dùthchannan air feadh an t-saoghail agus le buidhnean eadar-nàiseanta. Thuirt Boris Johnson gur e suidheachadh sgriosail a tha seo dhan Roinn Eòrpa. Tha Nicola Sturgeon ag ràdh gun robh mar a thachair uabhasach. Tha an Ceann-Suidhe Biden air beachd a nochdadh gum bi an Ruis ga dhèanamh cunntachail airson na rinn iad, leis an EU a' gealltainn na smachd-bhannan as treasa riamh a chur air Mosgo.
An NHS
Tha atharrachadh mòr a dhìth air an NHS an Alba 's gun an suidheachadh ionmhais aca tuilleadh seasmhach a rèir aithisg ùir le Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba. Tha a' bhuidheann faire ionmhais oifigeil ag ràdh gu bheil èiginn fhathast ron t-seirbheis slàinte 's an ùine feitheimh airson cùraim a' dol suas gu mòr. Bidh duilgheadas ann cuideachd le luchd-obrach gu leòr fhastadh 's a chumail a rèir na buidhne sgrùdaidh. Thuirt Rùnaire na Slàinte, Humza Yousaf, gu bheil e airson togail air an t-seòrsa co-obrachaidh agus ùrachaidh a chunnacas rè a' phandemic.
Còmhdhail
Tha sneachda agus gaoth a' toirt buaidh a-rithist air seirbheisean còmhdhail air feadh na h-Alba. Tha mòran rathaidean mòra air a bhith le tubaistean le trioblaidean orra ri linn an t-sneachda, le aithrisean ann air carbadan a tha glacte air an A85 eadar Lix Toll agus Ceann Loch Èireann ann an Siorrachd Shruighlea. Tha an rathad dùinte an sin. Air na h-aiseagan tha grunn sheirbheisean aig CalMac dheth no le atharrachadh orra. 'S e a' ghaoth as motha a tha ag adhbharachadh sin, ach tha cuideachd duilgheadasan le Covid air slighe Steòrnabhaigh agus Ulapuil.
Mathan Bàn
Chaidh innse gur ann fireann a tha an cuilean a rugadh do mhathan bhàn aig Pàirce Fiadh-bheatha na Gàidhealtachd an-uiridh. Tha e a-niste trì mìosan de dh'aois. Às dèidh a' chiad sgrùdaidh slàinte air tha e coltach gu bheil e gu math. Bidh cothrom aig a' mhòr-shluagh fhaicinn airson a' chiad uair an ceann beagan sheachdainnean, 's ma dh'fhaoidte gum mair an sneachda gu an uairsin.