Taic dhan Ucràin air a' Ghàidhealtachd

  • Air fhoillseachadh
Drochaid NisTùs an deilbh, Calum MacIlleathain

Bha na mìltean de dhaoine an làthair aig caismeachdan air feadh Bhreatainn air an deireadh-sheachdain is iad a' sealltainn taic dhan Ucràin.

Tha còig là ann a-nise bho chaidh na Ruiseanaich a' steach dhan Ucràin.

Lean sabaid tron oidhche is na Ruiseanaich a' losgadh shligean air baile Chernihiv ann an ceann a tuath na dùthcha.

Bha spreadhaidhean cuideachd mun cuairt air a' phrìomh bhaile Kyiv.

Thuirt ceann-suidhe na h-Ucràin, Volodymyr Zelensky, gum bi an ath 24 uairean a thìde "cho cudromach 's a ghabhas" airson na dùthcha.

Aig an dearbh àm, tha na mìltean air a bhith a' teicheadh às an Ucràin.

Taic

Am measg chaismeachdan ann am Breatainn air an deireadh-sheachdain gus taic a shealltainn dhan Ucràin, bha cruinneachadh ann an Inbhir Nis.

'S iad Buidheann Taice nam Fògarrach air a' Ghàidhealtachd a chuir an tachartas ann an Ceàrnag an t-Seabhaig air dòigh.

Thàinig feadhainn bho air feadh na Gàidhealtachd, Ucràinianich a tha a' fuireach aig tuath nam measg.

Dh'iarr a' bhuidheann air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte barrachd a dhèanamh gus Ucràinianaich a chuideachadh, is gu h-àraidh 'son fògarraich a leigeil a-steach a Bhreatainn.

Chaidh cuideachd Drochaid Nis a lasadh le dathan na h-Ùcrain às dèidh iarrtais bho Chomhairle na Gàidhealtachd.