
Rinn sgioba-teasairginn Dhùn Dòmhnaill cobhair air fireannach agus balach a chaidh a ghoirteachadh an dèidh dhaibh tuiteam bho thalamh àrd aig Cnoc Fhaoighris ann an Alanais Là na Sàbaid.
Chaidh an sgioba-teasairginn a ghairm chun na làraich ma 6:00f oidhche na Sàbaid, an dèidh dha na Poilis aithris fhaiginn gun robh am balach agus am fireannach ann an duilgheadas.
Fhuair iad lorg air a' bhalach, a bha air a chas a leòn, agus chaidh a ghiùlan dhan ospadal le heileacoptair nam Maor-Cladaich.
Chaidh am fireannach, nach robh air a ghoirteachach cho dona, a thoirt a-mach às an sgìre air an rathad.
Thuirt ceannard na sgioba-teasairginn, Iain Nesbitt, gun robh iad a' tabhann deagh dhùrachd air a' bhalach a chaidh a ghoirteachadh.