Naidheachdan 11:00m

An Ucràin

Thuirt Rùnaire an Dìon, Ben Wallace, nach eil an Ceann-Suidhe Putin ach a' feuchainn ri aire an t-saoghail a thoirt air falbh bhon dìth adhartais aca san ionnsaigh an aghaidh na h-Ucràin le bhith a' sgaoileadh nas h-ìre rabhaidh as àirde do na feachdan niuclasach aige. Thuirt Arm na h-Ucràin gun do rinn feachdan Ruiseanach grunn oidhirpean airson smachd fhaighinn air iomall a' phrìomh bhaile Kyiv. Thuirt àrd-chomandair sa bhaile gun deach mòran shaighdearan Ruiseanach a chall ged nach eil dearbhadh neo-eisimeileach ann a bheil sin fìor.

Còmhraidhean

Thòisich còmhraidhean eadar riochdairean Ucràinianach agus Ruiseanach aig a' chrìch le Belarus ag amas air an cogadh a thoirt gu ceann. Thuirt an Ceann-Suidhe Zelensky nach eil cus dòchais aige gun soirbhich leotha.

An Ruis

Tha prìomh bhanca na Ruis air ìre an rèidh a chur an-àirde cha mhòr a dhà uimhir gu 20%. Tha luach an Rouble air tuiteam chun na h-ìre as ìsle riamh agus smachd-bhannan eadar-nàiseanta a' toirt buaidh air an eaconomaidh.

Cumhachd

Cumaidh ministearan cumhachd an Aonaidh Eòrpaich coinneamh èiginneach an-diugh agus draghan ann gun cuir an Ruis bacadh air ola agus gas air am bi dùthchannan Eòrpach a' crochadh gu mòr mar pheanas airson nan smachd-bhannan a chaidh a chur orra.

Fògarraich

Tha ìmpidh a' tighinn air Boris Johnson a dhèanamh nas fhasa gun dàil do dh'Ucràinianaich tighinn a Bhreatainn. Thuirt Oifis na Dùthcha gun toir iad bhìosa do dh'fhògarraich aig a bheil teaghlach am Breatainn mar thà. A rèir nan Làbarach 's e nàire a th' ann nach fhaigh ach àireamh bheag de luchd-dàimh cead fhaighinn a-steach dhan dùthaich, agus gun deach seann phàrantan agus bràithrean is peathraichean fhàgail às an sgeama.

Covid

Chan fheum sgoilearan àrd-sgoile ann an Alba masgaichean a chaitheamh tuilleadh anns na t-seòmar-teagaisg bho an-diugh. Ach feumaidh iad masgaichean a chleachdadh sna trannsaichean fhathast. Agus tha an sgeama fo am feumadh clubaichean-oidhche agus an leithid fianais fhaicinn gun d' fhuair daoine a' bhanachdach no nach eil iad leis a' ghalar air tighinn gu ceann.