Naidheachdan 11:00m

An Ucràin

Dhiùlt an Ucràin moladh à Mosgo gun cleachdadh sìobhaltaich Ucràinianach slighean sàbhailte dhan Ruis no Belarus airson teicheadh bhon chogadh. Thuirt an Riaghaltas ann an Kyiv gur e moladh mì-mhoralta a tha sin agus gum feum cead a bhith aig daoine teicheadh gu sgìrean a tha fo smachd Arm na h-Ucràin.

Tha còrr is 1,000,000 duine air teicheadh a-niste às an Ucràin dhan Phòlainn. Thuirt oifigich anns a' Phòlainn gun tàinig 40,000 anns a' chiad shia uairean de thìde den mhadainn an-diugh.

Tha sligean Ruiseanach a' sìor thuiteam air bailtean san Ucràin. Tha ceannardan an airm an sin ag ràdh gu bheil an Ruis a-niste ag ullachadh airson ionnsaigh mhòir air a' phrìomh bhaile, Kyiv.

An Hague

Dh'fhaillich air an Ruis nochdadh aig Cùirt Eadar-nàiseanta a' Cheartais anns an Hague a tha a' beachdachadh air riaghladh èiginneach ag iarraidh air an Ruis sgur den ionnsaigh. Tha luchd-lagha na h-Ucràin ag ràdh gu bheil adhbhar na Ruis airson ionnsaigh stèidhichte air mì-thuigse air an lagh eadar-nàiseanta mu sgrios-mhurt.

Smachd-bhannan

Coinnichidh Boris Johnson ri prìomhairean Chanada agus na h-Òlaind aig Sràid Dhowning an-diugh agus dùthchannan an taobh siar a' beachdachadh air tuilleadh smachd-bhannan air an Ruis. Dh'èirich prìs na h-ola a-rithist an-diugh le coltas gum faodadh an t-Aonadh Eòrpach agus na Stàitean Aonaichte casg a chur air ceannach ola às an Ruis.

Tràlair

Naidheachdan eile 's chaill aon duine a bheatha 's rinneadh cobhair air seachdnar eile an dèidh do thràlair Albannach a dhol fodha far chladach Nirribhidh. Chuir an tràlair, Njord, a tha clàraichte ann an Ceann Phàdraig, car dhith feasgar an-dè. Thog heileacoptair triùir den chriutha dhan ospadal ann am Bergen, far an do chaochail fear dhiubh.

Bustair

Tha cead a-niste air an dàrna bustair aig an fheadhainn as motha cunnairt bho Chovid an Alba. Tha sin cho fad 's gu bheil sia mìosan air a' char as giorra bho fhuair iad a' chiad bhustair. Agus tha litrichean a' dol a-mach airson a' chiad uair a' tabhann a' chiad dòs air cloinn eadar 5 agus 11 bhliadhna de dh'aois.