Taigh do "luchd-còmhnaidh làn-ùine"
Thèid fheuchainn ri dèanamh cinnteach gur ann do dhaoine a tha airson an dachaigh a dhèanamh ann an Uibhist a thèid taigh ann an Dalabrog a reic, a rèir Buidheann Taigheadais Innse Gall (HHP).
Thuirt a' bhuidheann gu bheil mothachadh aca air cho doirbh 's a tha e do dhaoine òga gu sònraichte taigh a cheannach anns na h-eileanan.
Seo Shona NicDhòmhnaill.