
Eilean Mhuile
Chaidh an treasamh co-chruinneachadh Gàidhlig ann an Earra-Ghàidheal a chumail air an deireadh sheachdain, le mu 50 neach an lathair air loidhne.
Nochd grunn dhaoine beachd gun robh e cudromach dual-chainntean na sgìre a chumail a' dol.
Bha an t-Oll. Alasdair MacIlleBhàin a-measg na bh'air a' phanal.
"Bha sinn a bruidhinn air na tha Gàidhlig Earra-Ghàidheal a' ciallachadh dhuinne agus mar a bhitheas sinn ga cleachdadh", thuirt e.
"Saoilidh mi gu bheil fèin-aithne agus ainmean-àite fighte ri chèile. Chan ann a-mhàin a thaobh na rudan prìseil a gheibh sinn anns na h-ainmean àite, rudan a tha ionnadach a bhuinneas dhuinne anns na sgìreachdan beaga bìodach againn fhèin, saoilidh mi gum bu chòir dhuinn ann an saoghal na Gàidhlig togail air a sin leis a cheangal a th'aig daoine gu làidir ri àiteachan.
"An rud a th'ann le Earra-Ghàidheal agus leis a Ghàidhealtachd air fad agus na h-eileanan air fad, chaidh tòrr dhe na h-àiteachan againne fhuadach mar a tha fhìos againn uile san 19mh lìnn deug gu h-àraid. Mar sin tha àiteachan ann, agus ainmean air na h-àiteachan sin, far nach eil daoine a' fuireach.
Beairteas
"Tha beairteas anns na tha foillsichte a thaobh bardachd agus sgeòil - leithid Iain MacCarmaig, Muileach a rinn a chiad nobhail a chaidh a' dhèanamh riamh anns a Ghàidhlig. Chan e gun cualla mi mun a sin is mi beag, ach 's ann aig an oilthigh a chuir mi eòlas air.
"Ach tha rudan ann cuideachd nach deach fhoillseachadh riamh agus a tha ri an lorg fhathast aig daoine ann an cuid a sgìreachdan agus anns na clàraidhean a th' againn anns na tasglannan againn.
Tha cruinneachadh mar seo feumail gun teagamh agus tha a' chomhairle ri am moladh airson seo a chuir air dòigh. Tha e follaiseach gu bheilear ag eisteachd ri feumalachdan a tha daoine air a thogail.
Dhòmhsa dheth chòrdadh e rium am barrachd fhaicinn aig ìre coimhearsnachd agus taic ris a Ghàidhlig san dachaigh.
Ach saoilidh mi gum feum sin tighinn bhon ìre as àirde", thuirt an t-Oll. MacIlleBhàin.