
Tha a' chompanaidh a tha a' ruith stèisean cumhachd Chruachain ann an Earra-Ghàidheal a' cumail co-chomhairle an-dràsta air planaichean leasachaidh.
Chunnaicear san taisbeanadh ann an Taigh an Uillt Diciadain nach eil Drax, a tha ruith an stèisean cumhachd, am beachd an dàm fhèin a leudachadh, ach cuiridh iad turbainean a bharrachd am broinn na beinne.
Tha iad an-dòchas gun tig taighean ùra airson na sgìre às an seo cuideachd.
Chaidh an stèisean cumhachd fhosgladh ann an 1965. Tha e ag obair mar sheòrsa de bhataraidh. Air an oidhche nuair nach bi feum air mòran dealain bithear a' pumpadh uisge suas gus an urrainn cumhachd a chruthachadh le innealan-dealain tron là.
A-rèir fiosrachaidh bhon chompanaidh Drax thathar a' call an t-uamhais dealain air sgàth agus nach urrainnear a stòradh. Ann an 2020 bha an àireamh sin co-ionnan ris na tha millean dachaigh a' cleachdadh sa bhliadhna agus iad an dùil gun tig fàs air.
Taic
Thuirt Steve Marshall, oifigear leasachaidh Drax: "Mar a tha sinn a' gluasad gu bhith a' feuchainn ris na tha sinn a' cleachdadh de chàrbon a lùghdachadh bithear a' cleachdadh barrachd cùmhachd gaoithe agus grèine."
"Tha Riaghaltas na h-Alba air tòiseachadh air co-chomhairle mu thuathan-gaoithe ùra far thìr an-dràsta. Mar a thig barrachd dhiubh seo a thogail bheir seo buaidh air làraichean mar Chruachan," thuirt Mgr Marshall.
Nuair a chaidh Cruachan a thogail bha campa mòr faisg air baile Loch Obha far an robh an luchd-obrach a' fuireach. Ged a bhios an làrach aca san aon àite a-rithist tha planaichean eile aca a thaobh àiteachan-fuirich.
Tha an taisbeanadh a bh' aca ann an talla Thaigh an Uillt ri fhaicinn san ionad-tadhail aig Cruachan bho Dhiardaoin.
Tha iad a' cur fàilte air beachdan dhaoine ro dheireadh a' Ghiblean mus cuir iad tagradh gu Riaghaltas na h-Alba.