Rabhadh mu theintean anns a' Ghearraidh Chruaidh

  • Air fhoillseachadh
Caisteal Steòrnabhaigh

Tha Urras Steòrnabhaigh ag iarraidh air daoine a bhith air faire airson teintean anns a' Ghearraidh Chruaidh.

Thàinig seo às dèidh mar a chaidh teine a lasadh a dh'aona-ghnothach sa choille air an deireadh-sheachdain.

Ged a tha an aimsir a-nise air atharrachadh, bha rabhadh an sàs air feadh na h-Alba anns na làithean mu dheireadh mun chunnart bho theintean monaidh.

Bha luchd-smàlaidh ann an Leòdhas fad trì là a' strì ri teine faisg air Achadh Mhòr.

Thuirt Urras Steòrnabhaigh leis cho tioram 's a tha an aimsir air a bhith bho chionn ghoirid, gum faodadh teine sam bith sgaoileadh gu grad agus milleadh eagalach a dhèanamh.

Cunnartach

Tha iad ag iarraidh air daoine a bhith mothachail mun chùis is gun teine a lasadh idir sa Ghearraidh Chruaidh.

"Tha sinn a' cluinntinn uiread a-nise mu theitean mòintich a tha air a dhol fiadhaich is tha e duilich smachd a chumail orra", thuirt siamarlan an urrais, Iain MacÌomhair.

"A-staigh am measg chraobhan is gu h-àraidh mun t-sìde sa bhliadhna far a bheil feur gun fàs às ùr, aon uair 's gum faigh e grèim tha e glè, gle dhùilich a chur às.

"Tha togalaichean is staranan a-staigh anns a' Ghearraidh Chruaidh is bhiodh e gu math cunnartach nam biodh daoine daoine air an glacadh sa cheò", thuirt e.