Uàrd eileanach air fosgladh às ùr

  • Air fhoillseachadh
Ospadal nan Eilean

Dhearbh Bòrd Slàinte nan Eilean Siar gu bheil Uàrd Meadaigeach 1 ann an Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh air fosgladh às ùr.

Chaidh a dhùnadh na bu thràithe air a' mhìos do dh'euslaintich ùra às deidh mar a bha ceangal aig àireamh de chùisean Covid ris an uàrd.

Chuireadh an cuimhne luchd-tadhail gum feum iad àite a chur air dòigh ro làimh mus nochd iad.