Bacadh air peatral a cheannach an Uibhist a Tuath

  • Air fhoillseachadh
Pumpa peatroil

Tha stèisean peatrail ann an Uibhist a Tuath a' cuingealachadh na dh'fhaodas daoine a cheannach de pheatral gu luach £20.

Aig deireadh an là Diciadain, cha robh ach 600 liotair de pheatral air fhàgail aig bùth Iain Mhoireasdain ann an Loch nam Madadh.

Nam biodh iad air an t-òrdan aca fhaighinn mar as àbhaist, bhiodh suas ri 5,000 liotair aca.

Thuirt Certas Energy, a bhios a' lìbhrigeadh peatrail dha na h-Eileanan Siar, gur e trioblaidean le aiseagan agus an droch aimsir, a bharrachd air connadh a bhith gann, as coireach.

Chan eil trioblaid sam bith ann le dìosal.

Tha dùil gum faigh an stèisean tuilleadh peatrail a-steach Dihaoine.

Tha dùil cuideachd ri soitheach Disathairne a lìonas an stòr ann an Loch a' Chàrnain às ùr.

Thabhainn Certas Energy leisgeul airson na bh' air tachairt.