Naidheachdan 11:00m

Bidh aig na milleanan luchd-obrach agus luchd-fastaidh ri barrachd a phàigheadh ann an Àrachas Nàiseanta bhon an-diugh a-mach. Tha an riaghaltas a’ tomhas gun coisinn an t-àrdachadh do 1.25% timcheall air £11b a bharrachd sa bhliadhna ionmhais - leis an airgead air a chomharrachadh airson seirbheisean slàinte agus cùram sòisealta. Thuirt Rùnaire Slàinte na Rìoghachd Aonaichte gum maoinich seo timcheall air 9 millean sganaichean meidigeach is eile, agus gun cuidich e ann a bhith a’ lìonadh bheàrnan obrach anns an NHS.

Tha tuilleadh cudrom a’ tighinn air ceannardan an Aonaidh Eòrpaich stad a chur air a bhith a’ ceannach ola agus gas bhon Ruis às dèidh na thachair ann am Bucha agus bailtean eile faisg air Kyiv. Tha an Coimisean Eòrpach cuideachd a’ moladh casg a chur air gual Ruiseanach. Tha ceann suidhe na h-Ucràin, Volodymyr Zelensky, air innse do Phàrlamaid Poblachd na h-Èireann gu bheil na Ruiseanaich a’ cleachdadh acras mar bhall-airm agus mar dhòigh airson làmh an uachdair fhaighinn air an dùthaich aige. Dh'innis Mgr Zelensky dhan Dail gun robh e taingeil airson a h-uile bud cuideachaidh a bha na h-Èireannaich air a thoirt dhaibh. Tha dùil gum foillsich na Stàitean Aonaichte agus Breatainn tuilleadh smachd-bhannan air Mosco an-diugh. Coinnichidh ministearan cèin dhùthchannan Nato sa Bhruiseal an-diugh fhathast a dheasbsd dè eile is urrainn dhaibh a dhèanamh gus Ucràin a chuideachadh le a bhith a’ strì an aghaidh nan Ruiseanach.

Dh'fhoillsich an Riaghaltas gun tèid buidheann phoblach ur a stèidheachadh airson lìonra cumhachd na Rìoghachd Aonaichte a riaghladh. Bidh e na uallach air an Future Systems Operator seasmhachd cumhachd na dùthcha a bhrosnachadh, 's iad gu bhith a’ gabhail tharais cuid den uallach airson a bhith a’ ruith a' Ghriod Nàiseanta.

Tha banntrach fear a bha na oifigeach ann an Riaghaltas na h-Alba a’ cur as lèth a' Phrìomh Mhinisteir nach do rinn i cinnteach gun deach a bhàs a rannsachadh mar a bu chòir. Bhàsaich Anndra Slorance le comharran Covid fhad ’s a bha e a’ faighinn leigheis airson aillse ann an Ospadal na Banrigh Ealasaid ann an Glaschu. Tha a bhanntrach, Louise, air sgrìobhadh gu Nicola Sturgeon a ghearain nach eil an sgrùdadh a tha ga dhèanamh air a bhàs a’ dol fada gu leòr.

Agus shoirbhich an seinneadair Ed Sheeran cùis lagha anns an Àrd Chùirt ann an Lunnain an aghaidh neach-ciùil eile a bha a’ cumail a-mach gun do ghoid e fear de na h-òrain aige. Bha Sami Chokri air a bhith a’ cumail a-mach gun robh an t-òran aig Mgr Sheeran, 'Shape Of You' a thàinig a-mach bho chionn còig bliadhna, stèidhichte gu ìre mhòr air duan a sgriobh e fhèin dà bhliadhna ron sin. Cho-dhùin a' chùirt nach deach riaghailtean còir-lethbhreac sam bith a bhriseadh.