
Tha clach-mhìle shònraichte aig pàipear beag an Eilein Sgitheanaich is leth-cheud bliadhna bho chaidh a stèidheachadh.
Tha am pàipear san là a th' ann ann an làmhan an luchd-obrach fhèin.
Tha iris shònraichte anns na bùithean an-diugh airson a' chlach-mhìle sa a chomharrachadh
Cha robh am Pàipear Beag, mar as fheàrr a dh' aithnichear am West Highland Free Press, a cosg ach ceithir sgillin nuair a nochd a' chiad iris dheth ann an 1972.
"'S e clach-mhìle chudromach a th' ann agus an t-seachdain-sa tha pàipear nas motha sònraichte againn," thuirt deasaiche a' Phàipeir Bhig Keith MacCoinnich.
"Tha mòran dhaoine air am WHFP a thogail suas thar nam bliadhnaichean agus smaoinich mi gun robh e cudromach taing a thoirt dhaibh airson an obair."
Tha esan dòchasach mun àm ri teachd cuideachd.
"Nas fhaide air adhart anns a' bhliadhna tha sinn an dòchas taisbeanadh a chur ri chèile ann an Caol Àcain far an do thòisich am pàipear air ais ann an 1972."
Air a' bhliadhna ud thòisich ceithrear a bha air coinneachadh ann an oilthigh ann an Dùn Dè am pàipear-naidheachd.
Bha iad airson pàipear-naideachd radaigeach a stèidheachadh, a chuireadh ceistean air na h-ùghdarrasan, na h-uaislean agus na h-uachdarain, am measg eile.
Tha Brian MacUilleam an-diugh air sgioba deasachaidh an Gaseat Steòrnabhaigh ach o chionn 50 bliadhna b' esan a' chiad deasaiche a bh' air a' Phàipear Bheag.
"Cheannaicheadh 90% de luchd-leughaidh am Pàipear Beag airson nan naidheachdan ionadail agus 10% airson an t-seallaidh a thug sinn air poileataigs is ceistean nàiseanta," thuirt e.
"Nan robh na h-àireamhan againn a' crochadh air a bhith na phàipear-naidheachd poilitigeach, stèidhichte air an Eilean Sgitheanach ann an 1972, coma leat 50 bliadhna, cha bhiodh sinn air maireachdain fiù's 50 mionaid."
"Tha mi a' smaoinntinn gur e rud cudromaich a rinn iad a thug tòrr misneachd do luchd-naidheachd eile," thuirt Maggie Choineagan a tha air a bhith an sàs anns nam meadhanan iomadh bliadhna.
"Cha robh mòran luchd-naidheachd air Ghàidhealtachd aig an àm sin agus gu sònraichte air an taobh an Iar.
"Ach thug iad misneachd agus bha cuid a' cumail a-mach gu robh na sgeulachdan a b' fheàrr aig a' BhBC air Ghàidhealtachd air Diardaoin, às dèidh dhan WHFP a bhith air fhoillseachadh, ach tha fhios nach eil sin ceart."
"Ach 's e an rud eile, bha iad ann mus an do thòisich am BBC air Ghàidhealtachd, mus an do thòisich na naidheachdan ionadail agus mar sin bha iad air bun-stèidh gu math làidir a thogail aig an àm sin."
"Tha sinn a' cur taic ri deichnear obraichean an seo san Eilean Sgitheanach, thuirt Keith MacCoinnich.
"Thòisich mòran dhaoine eile nan dreuchdan an seo agus chaidh iad air adhart gu rudan math eile anns na meadhanan.
'"S e sgeulachd shoirbheachail a th' ann dhan sgìre gun teagamh sam bith
"Tha mi na dochas gun cùm sinn a dol airson bliadhnaichean a tha romhainn.
"Tha e gu math cudromach anns an sgìre seo fhathast, an dà chuid airson pàipear ionadail anns a bheil fiosrachadh ach cuideachd tha iad fhathast a' strì" thuirt Maggie.
"So mar sin tha iad a' cumail a dol air an aon ràmh sa thòisich iad.
"Chanainn gu bheil an dìleab fhathast ann agus chanainn gu bheil sin air leth chudromach."