Dùil ri seann sgoil a leasachadh an ath-bhliadhna

  • Air fhoillseachadh
Seann Sgoil Bhorghadail

Thathas an dòchas gun tòisich obair an ath-bhliadhna a' leasachadh seann sgoil Bhorghadail san Eilean Sgitheanach airson taighean-còmhnaidh a dhèanamh dhìth a bhios rim faighinn aig prìs reusanta.

Thèid an obair a thoirt air adhart tro Urras Ghleann Dail ann an com-pàirt le Urras an Taigheadais Choimhearnsachd cho math ri buidhnean eile, le dùil ann gum bi seachd àiteachan-fuirich ùra air an cruthachadh le a bhith a' leasachadh togalach na sgoile fhèin, agus pàirt den fhearann timcheall.

Tha dragh ann an sgìrean dùthchail san Eilean Sgitheanach, ged a tha na ceudan de thaighean sòisealta san amharc ann am Port Rìgh agus san Àth Leathann, nach eil na h-uimhir de thaighean-còmhnaidh ri fhaighinn aig prìs reusanta gan togail ann an sgìrean eile den eilean.

Am measg na bha an làthair aig cruinneachadh ann an Gleann Dail a bhruidhinn mun amas an t-seann taigh-sgoile a leasachadh, bha BPA na sgìre, Ceit Fhoirbeis.

Stuthan is Sgilean

"Tha mise a' smaointinn, air a' Ghàidhealtachd an-dràsta, gur iad na pròiseactan as bige na pròiseactan as cudromaiche," thuirt i.

"Air sgàth 's gu bheil àite ann airson mar eisimpleir 300 taigh ùr anns a' Ghearasdan, ach aig a' cheann thall, chan eil sin a' dol a dh'obair do Dhùn Bheagain, no àiteachan eile.

"Tha sin a' ciallachadh gu bheil e cudromach gu bheil Urras an Taigheadais Choimhearsnachd ag obair leis a' choimhearsnachd airson rudeigin mar seo a chruthachadh agus an uair sin tha mi an dòchas gum bi sianar a' tighinn a-steach dhan àite cuideachd," thuirt i.

Fhuair am pròiseact taic £30,000 bho Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba.

"Mar bhuidheann tha sinn a' feuchainn ri taic a thoirt dhan a h-uile seòrsa dualchais, agus tha seann togalaichean a' feumachdainn nan stuthan ceart agus nan sgilean freagarrach ma tha iad gu bhith a' cumail tioram agus blàth," thuirt Iain Craig, a tha ag obair aig a' bhuidhinn.

"Agus aig an t-seann taigh-sgoile roimhe seo tha iad air tòrr de na stuthan ceàrr a chleachdadh.

"Sin an t-adhbhar gu bheil an togalach cho fliuch na bhroinn an-dràsta, agus tron phròiseact seo tha sinn ag iarraidh an togalach seo a chleachdadh mar eisimpleir gun urrainn dhuinn uile seann togalaichean a shàbhaladh agus an toirt air ais gu bhith feumail a-rithist airson na coimhearsnachd nuair a tha sinn a' cleachdadh nan sgilean agus nan stuthan ceart," thuirt e.

Chan eil fhios aig an ìre seo cuin a bhios an togalach agus na h-àiteachan-fuirich eile deiseil, ach thathas an dòchas tòiseachadh air an obair mun àm seo an ath-bhliadhna.