Àrdachadh pàighidh do luchd-obrach cabain Loganair

  • Air fhoillseachadh
Itealan Loganair

Tha luchd-obrach cabain Loganair a' dol a dh'fhaighinn àrdachadh pàighidh luach £3,000 thairis air an ath 18 mìosan.

Tha an t-aonadh aca, Unite, a' cur fàilte air an naidheachd gum faigh mu 120 luchd-obrach suim airgid luach £700 sa Ghiblean, le àrdachadh pàighidh £1,000 bhon t-Sultain am bliadhna agus £1,000 a bharrachd san t-Sultain 2023.

Tha a' chompanaidh-adhair an urra ri seirbheisean riatanach à Beinn na Faoghla, Barraigh agus Steòrnabhagh gu cinn-ùidhe ann an Glaschu, Dùn Èideann agus Inbhir Nis, le ceangal às an sin gu Beul Feirte.

Uile gu lèir, gheibh luchd-obrach cabain àrdachadh luach 11% air a bhun-thuarastal aca fo na chaidh aontachadh.