Naidheachdan 11:00m
Moderàtor
Rinn Moderàtor Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba càineadh làidir air poileasaidh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air fògarraich. Thuirt am Fìor Urramach Iain Greenshields gur e cùis-nàire a th' anns na poileasaidhean - leithid a bhith a' cur dhaoine a Rwanda. Bha iad a' fàgail smal air an dùthaich, thuirt e. Bha e den bheachd cuideachd gu bheil e a' cur eas-urram air Dia a bhith a' cur chnapan-starra ro dhaoine bochda a tha a' teicheadh à suidheachaidhean èiginneach.
COSLA
A rèir aonaidhean na roinne poblaich, tha an t-àrdachadh pàighidh 2% a chaidh a thabhainn air luchd-obrach nan comhairlean an Alba a' dèanamh tàire orra. Tha trì aonaidhean a' togail fianais madainn an-diugh taobh a-muigh oifisean Caidreachas nan Ùghdarrasdan ionadal, COSLA, ann an Dùn Èideann. Tha iad a' toirt rabhadh às ùr seachad gu bheil stailcean air fàire mura gluais COSLA le tairgse nas fheàrr.
Julian Assange
Chuir Rùnaire na Dùthcha, Priti Patel, a h-ainm ri òrdugh airson fear Wikileaks, Julian Assange, a chur dha na Stàitean Aonaichte. Tha iad ga shireadh ann an Aimeireagadh air casaidean brathaidh, ach tha e air a bhith a' stri anns na cùirtean an aghaidh sin.
Gatwick
Tha Port-adhair Ghatwick a' dol a ghearradh timcheall air 75 seirbheis-adhair gach là an ath-mhìos air sgàth dìth luchd-obrach. Leigidh iad às mu 50 seirbheis san là an uairsin anns an Lùnastal cuideachd. Thuirt iad gun toir e cothrom do chompanaidhean-adhair 's do luchd-siubhail planaichean cinnteach a dhèanamh ro-làimh, 's nach deadh uidhir de shiubhal a chur dheth aig a' mhionaid mu dheireadh.
Bàs
Agus tha ùghdarrasan Ghatwick a' rannsachadh bàs neach-siubhail a bha ciorramach. Thuirt fear-labhairt gun robh an duine air co-dhùnadh plèana le Easyjet fhàgail an dèidh dhi laighe, seach fuireach ri taic, ach gun do thuit e 's e a' dol suas staidhre-ghluasadach.
Measadh
Thèid a' bhuaidh eaconomaigeach a bheir dùnadh cidhe Ùige san Eilean Sgitheanach airson a leasachadh a rannsachadh le Comhairle nan Eilean Siar. Tha cuid de ghnìomhachasan ann an Uibhist agus anns na Hearadh ag ràdh gum feum iad fhèin dùnadh fhad 's a bhios an cidhe Sgitheanach dùinte fad sia mìosan bhon Dàmhair. Chan eil iad a' smaoineachadh gu bheil ullachadh gu leòr ga dhèanamh mu choinneamh an dùnaidh.
Taigh-spadaidh
Tha dùil gun tèid a' chosgais air croitearan 's tuathanaich airson beathaichean a spadadh ann an Taigh-spadaidh Steòrnabhaigh an-àirde 5% nuair a dh'fhosglas e a-rithist anns an Lùnastal. 'S e Comhairle nan Eilean Siar a tha ga ruith, 's tha iad ag ràdh nach fhàgadh fiù 's sin an taigh-spàdaidh prothaideach dhaibh. Thuirt fear-gairm na Comhairle, Coinneach MacLeoid, gum feum prìs nan goireasan a dhol an-àirde leis mar a tha cosgaisean ag èirigh agus obair a tha ri dhèanamh ris an taigh-spadaidh. Bhòtaidh comhairlichean air a' chùis an ath-sheachdain.
Everest
Tha Nepal a' beachdachadh air bun-champa Beinn Everest a ghluasad taobh a-staigh ceithir bliadhna 's blàthachadh na cruinne agus mac an duine ga dhèanamh mì-shabhailte. Thuirt ùghdarrasan turasachd Nepal gu bheil iad an dùil àite nas sàbhailte a lorg far nach bi deigh fad na bliadhna - timcheall air 400 meatar nas ìsle na am far a th' ann an-dràsta.