Iomairt ùr mu chunnartan snàimh

  • Air fhoillseachadh
Clach na h-Aithrigh

Dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil iad a' cur taic ri iomairt a tha ag amas air daoine oideachadh mu na cunnartan a tha an cois a bhith a' snàmh a-muigh.

Bidh Seachdain Shàbhailteachd an Uisge, no Drowning Prevention Week, taobh a-muigh, ann eadar an 18mh is an 25mh den Ògmhios.

'S e iomairt a th' ann a bhios a' ruith air feadh na Rìoghachd Aonaichte is Èireann.

Tha sreath de thubaistean air a bhith ann le call beatha sa mhuir is ann an lochan is aibhnichean na h-Alba anns na bliadhnaichean mu dheireadh.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil cuid de na tràighean is lochan as àlainne san Rìoghachd Aonaichte ann an ceann a tuath na h-Alba.

Mothachail

Tha a' Chomhairle ag ràdh gu bheil cunnartan mòra an cois seo cuideachd ge-tà, fiù 's dhan fheadhainn a tha math air snàmh, is gum feum daoine a bhith mothachail orra sin.

Dh'innis an t-ùghdarras gu bheil iad a' cur làn thaic ri Seachdain Shàbhailteachd an Uisge, is dh'iarr iad air daoine fiosrachadh fhaighinn air-loidhne mus tèid iad a' snàmh a-muigh.

Thog iad gu sònraichte air uisge gu math fuar, doimhneachd ris nach eil dùil, is sruthan làidir.

Tha iad ag ràdh gu bheil e buileach cudromach nach bi daoine a' snàmh ann an loch, abhainn no sa mhuir leotha fhèn, is gum bu chòir taic a bhith ann an còmhnaidh do chloinn.

Gheibhear barrachd fiosrachaidh an seo, taobh a-muigh.