Comhairle às ùr masg a chleachdadh

  • Air fhoillseachadh
Masg

Thuirt tè de cheannardan NHS Roinn a' Mhonaidh gum bu chòir do dhaoine beachdachadh às ùr air masgaichean a chleachdadh air còmhdhail phoblaich.

Bha Jillian Evans a' bruidhinn is àireamhan Covid air a bhith ag èirigh a-rithist.

A rèir an fhiosrachaidh as ùire, tha Covid air aon duine às gach 30 ann an Alba. Tha cuid de dh'eòlaichean den bheachd gur e srèanaichean BA.4 is BA.5 de dh'Omicron, a tha sgapadh nas luaithe, as coireach.

'S e a' chomhairle a th' ann an-dràsta gum bu chòir do dhaoine a tha a' faireachdainn bochd fuireach aig an taigh.

Chaidh na riaghailtean a bh' ann a thaobh mhasgaichean air còmhdhail phoblaich, ann am bùithdean is àitichean poblach eile a thogail sa Chèitean.

Tha Riaghaltas na h-Alba is eòlaichean slàinte fhathast a' moladh do dhaoine masgachaichean a chleachdadh anns na suidheachaidhean seo ge-tà.

Àrdachadh

Thuirt Jillian Evans, gur e seo rudeigin as urrainn dhan a h-uile duine a dhèanamh aig àm nuair a tha cùisean ag èirigh.

"Bha an Riaghaltas an-còmhnaidh ag ràdh nam biodh cùisean ag èirigh gu bheil rudan ann a dh'fhaodadh sinn a thoirt air ais", thuirt an Dr Evans.

"Chanainn aig an ìre seo gur e rudan an ìre mhath furasta - rudan mar mhasgaichean - a bu chòir dhuinn coimhead ris.

"Gu h-àraidh air còmhdail phoblaich far a bheil riaghailtean an sàs fhathast ann an dùthchannan Eòrpach eile. Tha fios againn cuideachd gur e daoine nas sine ann an Alba a-nise a tha a' cleachdadh mhasgaichean seach daoine òga.

"Tha mi a' smaointinn gur e rud a tha seo as urrainn dhuinn uile a dhèanamh", thuirt i.

Thathas cuideachd ag iarraidh air daoine a tha nas sine na 75 nach d' fhuair bùstair an Earraich tighinn air adhart. Tha cothrom aca air gu deireadh na mìos.