
Dh'iarr Bòrd Slàinte nan Eilean Siar air feadhainn aig a bheil cothrom air bustair Covid-19 tighinn air adhart ro dheireadh na mìos.
Tha bustair an earraich ri fhaighinn do dhaoine a tha nas sine na 75 is feadhainn nas sine na 12 le siostam ion-dhìon nas laige.
Thòisich clionaigean bustair an earraich sa Mhàrt is tha iad ann gu deireadh an Ògmhios.
Thuirt am bòrd-slàinte gu bheil Covid-19 fhathast a' cuairteachadh sa choimhearsnachd is gu bheil e cho cudromach 's a ghabhas gum faigh an fheadhainn as motha a th' ann an cunnart banachdach eile.
Dh'èirich cùisean de Chovid ann an Alba còrr is 30% san t-seachdain mu dheireadh.
Faodaidh feadhainn anns na h-Eileanan an Iar aig a bheil cothrom air a' bhanachdaich àite a chur air dòigh le a bhith a' fònadh 0808 196 8383 no an seo, taobh a-muigh.
Tha cuideachd clionaigean fosgailte gu deireadh na mìos mar a leanas:
Dihaoine 24.06 ann an Ospadal nan Eilean Siar eadar 12.30f is 6f
Diciadain 29.06 ann an Ospadal nan Eilean Siar eadar 2f is 4f
Diciadain 29.06 ann an Ospadal Uibhist is Bharraigh eadar 9m is 4f
Diardaoin 30.06 ann an Ospadal nan Eilean Siar eadar 2f is 4f
Diardaoin 30.06 ann an Ospadal Naomh Brianain eadar 11m is 1.30f.