Riaghaltas na h-Alba a' coimhead ri dàil air leasachadh cidhe Ùige

  • Air fhoillseachadh
Cidhe ÙigeTùs an deilbh, Getty Images

Tha Riaghaltas na h-Alba a beachdachadh air am bu choir dàil a chuir air leasachadh cìdhe Ùige 'san Eilean Sgitheanach.

Tha dragh mòr ann mun a bhuaidh air Uibhist a Tuath agus Na Hearadh nuair a dhùnas am port-aiseig 'san Dàmhair, agus dùil gum mair an obair airson 24 seachdainean.

Mar a tha cùisean an-dràsta, cha bhiodh aiseigean sam bith a' seòladh eadar Na Hearadh agus an t-Eilean Sgitheanach airson na sia mìosan a mhaireas an obair-leasachaidh.

Bidh seirbheis eadar-amail ann do dh'Uibhist a Tuath, ach 's ann a dh'Ulapul a bhios am bàta a' seòladh, agus thèid nas urrain dhith a bhi a' giùlain, a lùghdachadh an treasamh cuid.

Tha ball nan Eilean Siar ann am Pàrlamaid na h-Alba, Alasdair Allan, air iarraidh gun tèid dàil a chuir air an obair ann an Ùig gus an teid fuasgladh nas fheàrr a' lorg.

A bruidhinn aig Àm Cheistean dhan Phrìomh-Mhinistear, dhearbh Nicola Sturgeon gu bheil seo am measg na roghainnean a tha ma choinneamh an Riaghaltais.

Tha timcheal air 5,000 neach a-nis air an ainm a chuir ri ath-chuinge air loidhne ag iarraidh gun tèid dàil a chuir air an leasachadh.