Fearann dùthchail airson taighean
Bu chòir do chomhairlean ann an Alba a bhith mòran nas dàna a thaobh a bhith a' cur feum air na cumhachdan a th' aca gus fearann prìobhaideach a cheannach airson taigheadas dùthchail. Sin a rèir neach-iomairt an fhearainn, Andy Wightman, a tha ag ràdh nach eil comhairlean a' cleachdadh òrdughan ceannachd èigneachail - compulsory purchase orders - chun na h-ìre a bu chòir dhaibh gus fearann a ghlèidheadh. Tha Ruairidh MacIomhair ag aithris.