Naidheachdan 11:00m

Thuirt Ceann-suidhe na h-Ucràin, Volodymyr Zelensky, gun dèan e a dhìcheal sgìre chudromach Luhansk air taobh sear na dùthcha fhaighinn air ais. Ghabh feachdan na Ruis smachd an-dè air baile Lysychansk, an t-àite mu dheireadh a bh' aig na h-Ucràinianaich san sgìre sin. Bha sabaid chruaidh ann agus thuirt an Riaghaltas ann an Kyiv gun do tharraing iad na feachdan às airson beatha a chùmhnadh.

Copenhagen

Bidh fear anns a' chùirt ann an Copenhagen an-diugh an dèidh ionnsaigh ghunna san deach triùir a mharbhadh. Tha ceathrar eile gu math ìosal san ospadal. Thuirt ceannard nam Poileas nach eil dearbhadh sam bith ann gur e ceannairc a bh' ann.

Brexit

Nì ceannard nan Làbarach, Sir Keir Starmer, òraid an-diugh ag innse mar a dh'obraicheadh Brexit le Riaghaltas Làbarach. Tha dùil gun geall e nach tilleadh esan, mar Phrìomhaire, an Rìoghachd Aonaichte dhan mhargaidh shingilte no gu saorsa gluasaid.

Ionadan Rehab

Bidh deasbad ann am Pàrlamaid na h-Alba feasgar air laghan ùra a bheireadh còir do dhaoine air àite ann an ionadan rehab airson drogaichean agus deoch-làidir. Tha moladh bho na Tòraidhean a ghluasad air adhart, le taic bho bhuill Làbarach. Tha am bile ag amas air dèiligeadh ri trioblaid an Alba aig a bheil an ìre as motha de bhàs le drogaichean anns an Roinn Eòrpa.

An Eadailt

Tha luchd-teasairginn ann an ceann a tuath na h-Eadailt a' coimhead airson co-dhiù 20 duine a tha a dhìth an dèidh maoim-sneachda sna Dolomites. Thuirt oifigich gu bheil sianar marbh le fios leotha, agus gun deach naoinear eile a ghoirteachadh.

Connadh

Tha sreathan mòra de charbadan a' dràibheadh gu mall air rathaidean mòra anns a' Chuimrigh, an Essex agus ann an Devon, agus iad a' togail fianais an aghaidh prìs àrd a' chonnaidh. Thuirt na Poilis gu bheil làn-dùil aca ri maill mhòr air na rathaidean fad an là an-diugh, agus gum bi an trafaig na tàmh aig amannan. Bha iomairt den aon sheòrsa air Drochaid Cheasaig na bu thràithe air a' mhadainn.