HebCelt gus tòiseachadh

  • Air fhoillseachadh
Steòrnabhagh

Tòisichidh Fèis Cheilteach Innse Gall ann an Steòrnabhagh Diciadain.

Thathas a' comharrachadh 25 bliadhna bho thòisich an fhèis.

Am measg na bhios a' nochdadh air an àrd-ùrlar eadar Diardaoin is Disathairne bidh Texas, Julie Fowlis, Skipinish, Trail West, is gu leòr eile.

Le buaidh a' phandemic chan eil an fèis air a bhith ann bho 2019, ged a chaidh tachartasan air-loidhne air adhart tro staing Chovid.

Tha fadachd mhòr air a h-uile duine an fhèis a bhith air ais tha e coltach, is an HebCelt an dùil gun tèid na ticeadan a tha air fhàgail a cheannach mus tòisich an fhèis.

Tha iad ag ràdh cuideachd gu bheil dùil ri buannachd eaconomaich.

"Tha gnothachasan air a bhith ag innse dhuinn gu bheil iad cho toilichte gu bheil sinn air ais", thuirt Caroline NicIllinnein a tha air a bhith an sàs san fhèis bho thùs.

Buaidh

"'S e neart na sgioba againn agus an taic a th' aig daoine dhan fhèis as coireach gun deach againn air cumail a' dol tron dà bhliadhna mu dheireadh nuair nach robh airgead sam bith a' tighinn a-steach", thuirt i.

Tha Lach MacIlleathain, aig a bheil taigh-bìdh ann am meadhan Steòrnabhaigh, am measg luchd-gnothaich a tha air a dhòigh gu bheil an HebCelt air tilleadh.

"Seo seachdain cho cudromach 's a th' againn sa bhliadhna", thuirt Mgr MacIlleathain.

"Thug e buaidh mhòr oirnn nach robh an fhèis ann anns na bliadhnaichean mu dheireadh oir 's e seachdain nuair a bha fios againn gum biodh airgead a' tighinn a-steach.

Bidh gnothaichean a' tòiseachadh tron là Diciadain is gheibhear am fiosrachadh air fad mun fhèis an seo, taobh a-muigh.

Bidh BBC Radio nan Gàidheal a' craoladh beò bhon fhèis Diardaoin is Dihaoine.