Naidheachdan 11:00m
Na Tòraidhean
Tha a' chiad bhòt ann an-diugh 'son àite Bhoris Johnson mar cheannard air na Tòraidhean 's mar Phrìomhaire. Tha na tagraichean a' cur am planaichean mu choinneimh nan cùl-bheingearan Tòraidheach an-dràsta ron bhaileat feasgar. Tha ochdnar air a' phàipear agus tuitidh duine le nas lugha na 30 bhòt a-mach às an fharpais. Thèid an liosta sin a ghiorrachadh gu dithis ro dheireadh na seachdain mus tèid an taghadh a-mach gu ballrachd a' phàrtaidh.
An Eaconomaidh
Tha dòchas ann gun gabh crìonadh eaconomach seachnadh le figearan ùra ag ràdh gun robh fàs nas motha na bha dùil ann an torradh na Rìoghachd Aonaichte air a' mhìos a chaidh. Thuirt Oifis nan Staitistig Nàiseanta gun robh fàs de 0.5% ann an GDP sa Chèitean an dèidh tuiteam 0.2% anns a' Ghiblean.
Sri Lanka
Loisg poilis ann an Sri Lanka le gas-deòir agus canain-uisge air luchd-iomairt a tha a' toirt ionnsaigh air oifis a' Phrìomhaire Ranil Wickremasinghe. Chaidh esan ainmeachadh mar Cheann-suidhe Eadar-amail an dèidh dhan fhear a bh' ann, Gotapaya Rajapaksa, teicheadh às an dùthaich an dèidh aramach mu dhroch staid na h-eaconomaidh.
Craoladairean Spòrs
Tha Ùghdarras na Farpais agus nam Margaidhean a' rannsachadh feadhainn de na buidhnean craolaidh spòrs as motha ann am Breatainn. Thuirt an t-Ùghdarras gu bheil iad gu làidir an amharas gun do bhris BT, ITV, Sky, agus IMG Media riaghailtean farpais. Thuirt Sky agus ITV gu bheil iad a' co-obrachadh leis an rannsachadh.
Fèis Cheilteach Innse Gall
Tha Fèis Cheilteach Innse Gall, an HebCelt, a' tòiseachadh ann an Steòrnabhagh a-nochd. Seo an 25mh bliadhna den fhèis nach eil air a bhith ann airson trì bliadhna le buaidh a' phandemic.
Am Mòd
Agus tha an Comunn Gàidhealach a' cur an cuimhne fharpaiseach gur e Dihaoine an là mu dheireadh airson clàradh airson a' Mhòid Nàiseanta Rìoghail. Tha Mòd na bliadhna seo ann am Peairt, a' tòiseachadh air a' 14mh là den Damhair.