Buaidh Chovid air NHS na Gàidhealtachd

Tha NHS na Gàidhealtachd ag ullachadh 'son sualaichean eile, agus seòrsaichean eile, de Chovid-19 a dh'fhaodadh nochdadh san àm ri teachd.

Thuirt Stiùiriche na Slàinte Poblaich, an Dtr Tim Allison, gu bheil e follaiseach gu bheil am bhìoras a' sgapadh fhathast - agus gum bi 'son deagh ghreis.

Tha Shona Nic a' Phiocair ag aithris.