Naidheachdan 11:00m
Stailc na Rèile
Tha còrr is 40,000 de luchd-obrach na rèile air stailc air feadh Bhreatainn an-diugh 's chan eil a' ruith ach mu aon trèana anns gach còig. Ged nach eil gnothach aig Rèile na h-Alba ris an stailc seo tha e a' toirt buaidh mhòir air seirbheisean ann an Alba. Chan eil trèanaichean a' ruith idir tuath air meadhan na dùthcha, chan eil ach fìor chorra-thè eadar Glaschu 's Dùn Èideann, agus bidh na h-uimhir de sheirbheisean dheth cuideachd a' chiad ghreis sa mhadainn a-màireach. Thuirt Rùnaire na Còmhdhail, Grant Shapps, gum feum dòighean-obrach na rèile atharrachadh ach nach tachair sin fhad 's a tha na h-aonaidhean a' diùltadh na tairgse a th' ann an-dràsta. Thuirt Mick Lynch, Àrd-Rùnaire an RMT, nach eil an tairgse sin math gu leòr.
Na h-Aiseagan
Tha troimhe-chèile cuideachd air na seirbheisean aiseig. Chaidh an Hebrides gu càradh ann an Ulapul, a' ciallachadh nach bi seirbheisean idir an-diugh eadar Ùige, an Tairbeart 's Loch nam Madadh. Agus tha am plana a chuir Caledonian Mac a' Bhriuthainn mu choinneimh sin a' toirt buaidh air seirbheisean eile eadar Malaig is Loch Baghasdail, agus Malaig agus Armadal. Thuirt CalMac gu bheil iad ag obair air plana eile, agus gun cuir iad fiosrachadh a-mach air a' chiad chothrom.
Stailc Chomhairlean
Dh'iarr Riaghaltas na h-Alba air gach taobh feuchainn ri stailc a sheachnadh am measg luchd-obrach comhairle. Bhòt mìltean dhiubh sin airson stailce 's na h-aonaidhean aca Unison agus GMB a' diùltadh àrdachadh 2% nam pàigheadh. Tha feadhainn a tha ag obair ann an sgoiltean, cùram tràth-bhliadhnaichean agus seirbheisean sgudail aig 13 comhairlean ag ràdh gun tèid iad air stailc, ged nach tuirt iad cuin. Tha na h-aonaidhean ag ràdh gum feum ceannardan comhairle tairgse nas fheàrr a chur air a' bhòrd mus coinnich iad a-rithist Dihaoine.
Na Tòraidhean
Tha luchd-taice Liz Truss, a tha a' strì ris an t-seann Seansalair, Rishi Sunak, airson dreuchd a' Phrìomhaire, a' fàgail air-san gun deach e air ais gu tur air a' phoileasaidh airson cosgaisean cumhachd. Tha esan a' gealltainn a-niste gun geàrr e VAT air cunntasan airson bliadhna ma leanas iad ag èirigh as t-fhoghar. Thuirt e ron seo nach gearradh e cìsean.
Gas
Chaidh dearbhadh gun do dhùin an Ruis sìos dhan chòigeamh cuid na tha iad a' cur de ghas tron phìob NordStream1 eadar iad 's a' Ghearmailt a tha a' toirt an treas cuid den ghas dhan Aonadh Eòrpach. Tha a' chompanaidh mhòr Ruiseanach Gazprom, a bhuineas dhan Stàit, ag ràdh gur ann airson càradh a tha sin. Ach tha a' Ghearmailt ag ràdh gu bheil Mosgo a' feuchainn ri trioblaidean eaconomach agus poilitigeach a dhèanamh. Agus dh'èirich bun-phrìs a' ghas san Roinn Eòrpa a-rithist gu ìre nach fhacas bho thòisich an cogadh anns an Ucràin.