
Thèid siostam NHS na Gàidhealtachd airson uair a chur air dòigh airson dotair fhaicinn a leudachadh gu Disathairne.
An-dràsta, mar dheuchainn, tha an siostam fosgailte eadar 09:00m agus 5:00f air làithean obrach.
Ach bho Dhisathairne an 6mh là den Lùnastal, fosglaidh i eadar 08:00m agus 12:00f Disathairne cuideachd.
Thathas ag iarraidh air euslaintich fònadh gus uair a chur air dòigh an dèidh dhaibh litir fhaighinn bhon Bhòrd Slàinte.
Tha NHS na Gàidhealtachd den bheachd gum bi daoine nas dualtaiche a thighinn ma 's iad fhèin a th' air an là agus an uair a thaghadh.