Oidhirp gus coilltean-uisge na h-Alba a dhìon

  • Air fhoillseachadh
CraobhanTùs an deilbh, Kirsty Nutt

Tha RSPB Alba air sealbh fhaighinn air tèarmann nàdair air Ghàidhealtachd mar phàirt de phlanaichean gus coilltean-uisge na h-Alba a dhìon.

Tha Gleann Creabasdail ann an sgìre na Morbhairne air taobh a deas Loch Shuaineart.

Chaidh an teàrmann nàdair a reic ris an RSPB leis a' bhuidhinn ghlèidhteachais, NatureScot.

Thuirt an carthannas gun robh iad a' dèanamh fiughair ri bhith ag obair leis a' choimhearsnachd agus le uachdarain fearainn gus na coilltean a thoirt air ais.

Bith-iomadachd

Chan eil coilltean-uisge na h-Alba idir cho aithnichte ri feadhainn ann an dùthchannan eile, ach tha eòlaichean ag ràdh gu bheil iad a' cheart cho cudromach ann a bhith a' dìon bith-iomadachd.

Tha teàrmann nàdair Ghleann Creabasdail ann an àite iomallach gun rathad poblach sam bith ga ionnsaigh, is e ceithir mìle air falbh bhon phàirce-chàraichean as fhaisge.

Thuirt Dave Beaumont, stùiriche obrach an RSPB ann an taobh a deas na h-Alba, gum biodh an carthannas a-nis a' cur às de ghnèithean nach buin dhan sgìre, leithid ròs-chraobhan. Thuirt e gum biodh iad cuideachad a' feuchainn ri buaidh nam fiadh, a bhios ag ithe planntais, a làimhseachadh.

Thuirt e gu bheil an RSPB an dòchas gum bi seo mar phàirt de phròiseact nas motha thairis air sgìre na Morbhairne gu lèir gus coilltean-uisge na h-Alba a thilleadh.

"Cudromach gu h-eadar-nàiseanta"

Thuirt NatureScot gun robh na coilltean seo cudromach gu h-eadar-nàiseanta.

Tha iad ag ràdh gu bheil an tèarmann bunaiteach do phlanaichean gus coilltean-uisge na h-Alba a dhìon agus a thoirt air ais.

Thuirt Chris Donald, ceannard obrach na buidhne ann am meadhan na Gàidhealtachd, gun robh a bhith a' reic an tèarmainn mar chothrom air leth gus taic a chur ri oidhirpean gus coilltean-uisge na h-Alba a dhìon.