
Bha fear aois 35 air a dhroch ghoirteachadh ann an tubaist rathaid ann an Earra-Ghàidheal Latha na Sàbaid.
Thachair an tubaist eadar motor-baidhseagal geal Yamaha agus bhana glas Renault air an A85 aig Drochaid Obha, faisg air Taigh an Uillt.
Chaidh dràibhear a' mhotar-baidhseagail a sgèith dhan ospadal ann an Glaschu, agus e fhathast ann an staid ìosal an sin.
Cha robh dràibhear a' bhana air a ghoirteachadh idir.
Bha an rathad dùinte timcheall air 8 uairean a thìde airson an tubaist a rannsachadh, agus tha na poilis fhathast a' sireadh fiosrachaidh mun chùis.